Druim nan Linntean The Skye Ecomuseum 2025

Druim nan Linntean The Skye Ecomuseum 2025 Air a thoirt gu bith le Urras An Taobh Sear, a tha faotainn taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig son Oifigear Ghàidhlig.

Created by Staffin Community Trust, this page is managed by Gaelic Officer Sìne Gillespie whose work is supported by Bòrd na Gàidhlig.

Tàlant Mhòr aig Sgoil Chille Mhoire - Talent in abundance at KilmuirLusan ri Làimh - A' leanntainn oirnn leis a' chuspai...
19/06/2026

Tàlant Mhòr aig Sgoil Chille Mhoire - Talent in abundance at Kilmuir

Lusan ri Làimh - A' leanntainn oirnn leis a' chuspair an-dè
Continuing our Wildflower theme yesterday

Kilmuir Primary School - Bun-sgoil Chille Mhoire
Druim nan Linntean The Skye Ecomuseum 2025
Bòrd na Gàidhlig

Tha dreuchd an Oifigeir Ghàidhlig air a mhaoineachadh le BnaG.
The Gaelic Officer's role is supported by Bòrd na Gàidhlig.

Lusan ri Làimh - A Bilingual Youth Workshop on PlantsIs e seo an t-àm as fheàrr dhen bhliadhna son lusan.  Agus tha croi...
05/06/2026

Lusan ri Làimh - A Bilingual Youth Workshop on Plants

Is e seo an t-àm as fheàrr dhen bhliadhna son lusan. Agus tha croit faisg oirnn far a bheil còrr is ceud lus a' fàs. Thadhail Sgoiltean Chille Mhoire is Stafainn air a' chroit. Gu dearbha, chòrd e rinn a bhith miugh. Dh' ionnsaich sinn mu na lusan a dh' ithe daoine nuair a bha an t-acras mòr orra sna seann làithean. Gu duilich, bha na daoine an dèidh cus earbsa a chur sa bhuntàta.

Chunnaic sinn lusan a tha feumail son dathadh agus leigheis. Tha lus leithid 'bròg na cuthaig' fo bhlàth nuair a chluinneas sinn a' chuthag.

Is dòcha gun cuala sibh gu robh Earball an Eich a' fàs aig àm nan dìneasair, ach an robh fhios agad gu bheil na gasan air an deanamh coltach ri Lego Brick? Bha sinn air leth taingeil do Caroline Dear gu h-àraidh agus do sgioba Columba 1400 a thug dhuinn seòmar mòr àlainn. Bha e math coinneachadh ri ar caraidean aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Chòrd e rinn a bhith cruinneachadh lusan agus a bhith cruthachadh leabhraichean beaga leotha. Chì thu eiseimplirean an seo.

Tha sinne gu math fortanach gu bheil daoine tàlantach againn aig a bheil eòlas mun chuspair is a thug an cothrom seo dhuinn. Agus chuir sinn gu feum na nòtaichean mìorbhuileach aig Ruairidh MacIlleathain a chruthaich 'Àrainneachd, Cànan is Dualchas'.

Lusan ri Làimh - 'Roots and Shoots'

Staffin and Kilmuir GM pupils enjoyed an all-day workshop when we researched the wildflowers on the croft meadow. We heard stories about how plants were used for healing and hunger. Horsetail was around at the time of the dinosaurs. But did you know that their stalks are built like lego brick? We learned how to whistle with flag iris leaves, and how to make a pretty smart wee boat if needed in a hurry.

We liked how the Gaelic and English names have different meanings and stories to go with them. Once we gathered our plants, we learned how to make prints and create a wee book. This was a bit trickier than we at first thought but we loved it. We were so fortunate with all the help we got and were delighted to work with the artist, Caroline Dear and our friends from the University of St Andrews (Museums and Heritage Studies) as well as Holly from Nottingham. We are most grateful to Andrew and the team at Columba 1400 for letting us use the brilliant venue. You can see a few examples of our work here.

We are fortunate to be able to use the excellent notes by Roddy Maclean who created 'Àrainneachd, Cànan is Dualchas' - a course hosted by us here in Staffin for many years.

Mìle taing dhaibh a ghabh pàirt sa bhùth-obrach:
Many thanks to everybody who took part in the workshop:

Bun-sgoilearan Stafainn is Chille Mhoire
Caroline Dear, Eòlaiche Lusan agus Neach-ealain (Artist)
Oilthigh Chill Rìmhinn - St Andrew's University ('Roots and Shoots')
Columba 1400
Bun-sgoilearan Stafainn is Chille Mhoire
Dràibhear a' bhus - Reliable Roddy, our bus driver

Bòrd na Gàidhlig
Kilmuir Primary School - Bun-sgoil Chille Mhoire
Columba Leadership
University of St Andrews

Tha dreuchd Oifigear Ghàidhlig UTS air a mhaoineachadh le BnaG.
The Gaelic officer's post of Staffin Community Trust is funded by BnaG.

Seachdain na Gàidhlig - World Gaelic WeekObair-ealain àlainn bho sgoilearan Stafainn an-diugh nuair a bhathas a' comharr...
25/02/2026

Seachdain na Gàidhlig - World Gaelic Week

Obair-ealain àlainn bho sgoilearan Stafainn an-diugh nuair a bhathas a' comharrachadh 'Seachdain na Gàidhlig'. Tha an t-seachdain-se a' toirt cothrom do mhòran an gràdh a th' againn air ar cànain a thaisbeanadh dhan t-saoghal.

Beautiful artwork from Staffin pupils today, as we commemorate 'World Gaelic Week' What a great opportunity for people far and wide to showcase our love of Gaelic.

Bidh Urras An Taobh Sear a' faotainn taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig tro Sgeama nan Oifigearan Ghàidhlig.

Staffin Community Trust is a recipient of funding from Bòrd na Gàidhlig through its Gaelic Officers' Scheme.

Bòrd na Gàidhlig

18/02/2026

Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ sireadh bhall ùra airson ar Bòrd Stiùiridh.

’S e dreuchd shaor-thoileach a tha seo, far am faigh sibh cothrom sònraichte gus cuideachadh le amasan is lèirsinn na Colaiste, riaghladh na Colaiste, ar ro-innleachd ionmhasail agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gun toir ar n-obair buaidh air cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig thar na h-ùine fada.

Thèid coinneamhan a’ Bhùird a chumail ann an Gàidhlig, mar sin feumaidh sibh a bhith fileanta sa chànan.

Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu [email protected] ro 5f air Diciadain 11 Màrt 2026

Airson barrachd fiosrachaidh: https://uhi.pulse.ly/vpyj7t7vgl

Tosgairean Òga Thròndairnis - BSGPRIs e tlachd a th' ann a bhith ag obair leis an òigridh à ceann a tuath An Eilein Sgit...
11/02/2026

Tosgairean Òga Thròndairnis - BSGPR

Is e tlachd a th' ann a bhith ag obair leis an òigridh à ceann a tuath An Eilein Sgitheanaich. Chì sibh an seo eisimpleirean den obair-ealain aig an òigridh aig Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.

Tha Sgeama nan Oifigearan Ghàidhlig air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Sìne is working in North Skye schools on the Young Ambassadors' Gaelic programme. We have beautiful artwork to show you here from the pupils of Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.

Sgeama nan Oifigearan Ghàidhlig is funded by Bòrd na Gàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig
Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Staffin Dinosaur Museum
and Lochalsh Archive Centre

Address

Registered Office, Staffin Church Of
Portree
IV519JS

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Druim nan Linntean The Skye Ecomuseum 2025 posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Business

Send a message to Druim nan Linntean The Skye Ecomuseum 2025:

Shortcuts

Share

Category